Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis

Read this page in English

Beagan mu ar deidhinn.

Tha na buill ann an Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis à Inbhir Nis is à sgìrean eile den Ghàidhealtachd. 

Tha còrr is seachdad bliadhna bho stèidhicheadh a’ chòisir an toiseach ach anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha a’ chòisir air crathadh beag a thoirt air saoghal nan còisirean Gàidhlig. 

Anns an dà bhliadhna dheug mu dheireadh, tha Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis air prìomh dhuais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdain, a chosnadh còig tursan. 

Choisinn iad mu dheireadh e aig Mòd 2006. 

Bidh a’ chòisir a’ coinneachadh gach Diciadain aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis eadar 7.30f is 9.30f.

À buannachd thig iarrtasan is tha a’ chòisir air a bhith a’ faighinn barrachd is barrachd chuiridhean gus seinn aig diofar thachartasan. 

Nuair a tha tachartas sònraichte san amharc, ‘s dòcha gum bi a’ chòisir a’ coinneachadh nas trice na aon oidhche san t-seachdain gus deisealachadh a dhèanamh. 

Tha suas ri ceathrad ball sa chòisir, cuid a tha fileanta sa Ghàidhlig, cuid a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig is cuid gun Ghàidhlig idir. 

Tha sinn a’ cur fàilte air buill ùra aig àm sam bith – ma tha sibh sùnndach is easgaidh gus na h-òrain ionnsachadh, bidh sinn toilichte ur faicinn.

---------------------------------------------------------------------------------

If you would like to listen to the choir singing whilst you browse the site, please open the mp3 player - this will play in a new window whilst you browse our site.

Gaelic note

As a Gaelic choir we are obviously committed to the Gaelic language and culture,  the choir information and joining details are available in Gaelic to read and download on this site, we hope to add more Gaelic later.

 

Acknowledgement 

This web-site has been designed and donated to the Inverness Gaelic Choir by IleTec, a leading Scottish web design company from Inverness, supporting Gaelic and specialising in bi-lingual web sites

 

Site design by Iletec